AR01 - Nueva Escocia



Stitched by: Lorna Campbell; Jean Campbell Prince

Scots were often drawn to Argentina by the prospect of acquiring land, and those who could afford to do so invested in large estates called estancias. The poorer arrivals were invited to settle and work on the estates. In the Entre Rios province, one such agricultural community settled largely by Farquharsons, Macdonalds, M’Neills, Sinclairs, Buchanans and Frasers, was named Colonia Nuevea Escocia (New Scotland Colony). Those who made a success of their new lives might move on and develop estates of their own: new settlements appeared with names like Clyde, Kintail, Mossgiel and San Martin (from St Martins in Perthshire).
   
AR01 Alba Ùr (Nueva Escocia)
Bha Albannaich air an tarraing glè thric gu Arsaintìona leis an dòchas gum faigheadh iad fearann dhaibh fhèin, agus bha an fheadhainn a b’ urrainn a dhèanamh a’ tasgadh ann an oighreachdan mòra ris an canar estancias. Bha na daoine bu bhochda a ruigeadh, a’ faighinn cuireadh tuineachadh agus obair air na h-oighreachdan. Ann an sgìre Entre Rios, bha a leithid sin de choimhearsnachd àiteachais a bha air a tuineachadh gu ìre mhòr le cinnidhean MacFhearchair, MacDhòmhnaill, MacNèill, Mac na Ceardaich, Bochanan agus Friseal, air a h-ainmeachadh Colonia Nuevea Escocia (Coloinidh Alba Ùr). Dh’fhaodadh an fheadhainn a bha soirbheachail nam beatha, gluasad air adhart agus oighreachdan a leasachadh dhaibh fhèin: thòisich tuineachaidhean ùra a’ nochdadh le ainmean mar Cluaidh, Ceann Tàile, Mossgiel agus San Martin (bho St Martins ann an Siorrachd Pheairt).