CA28 – John Rae


Stitchers: Joyce MacKenzie, Rebecca MacKenzie, Elizabeth MacKenzie

Orkney-born John Rae (1813-93) studied medicine at Edinburgh before becoming a doctor with the Hudson’s Bay Company in Canada. His work for the Company revealed his skill at frontier life, and he worked on designs for his own snow shoes. He went on to mount numerous expeditions exploring and surveying Northern Canada and parts of the Northwest Passage. In 1854 he also came across evidence as to the fate of Captain John Franklin’s lost expedition. John Rae was renowned for his ability to walk great distances with little baggage, and earned the Inuit name Aglooka (He Who Takes Big Strides).

CA28 Iain Rae
Bha Iain Rae (1813–93) à Arcaibh ag ionnsachadh leigh-eòlais ann an Dùn Èideann mus d’ fhuair e dreuchd mar lighiche aig Companaidh Bàgh Hudson ann an Canada. Nochd a chuid obrach don Chompanaidh an sgil a bh’ aige anns an tsaoghal aig na crìochan, agus dh’obraich e air dealbhaidhean airson a bhrògan sneachda fhèin. Chaidh e air adhart a’ cur air dòigh mòran thursan a’ rannsachadh agus a’ sgrùdadh Canada a Tuath agus pàirtean de Shlighe an Iar-Thuath. Ann an 1854, thàinig e tarsainn air fianais a thaobh mar a thachair do thuras caillte a’ Chaiptein Iain Franklin. Bha Iain Rae ainmeil airson a chomas air coiseachd astaran fada le glè bheag de bhagaichean, agus choisinn seo dha an t-ainm Inuit, Aglooka (Esan nan Sìnteagan Mòra).