Corby 5 - New Town Home


   

Alyssa Robinson (Corby)

 

In 1931, before the steelworks arrived, Corby’s population numbered around 1,300. By 1950 that number had risen to 18,000 and Corby was selected to be designated as a New Town. Over the next few years much of the town was regenerated to a new plan designed to incorporate both green space and the car-friendly layout which modern living required. The stage was thus set for another wave of Scottish settlement, all still driven by the needs of the steelworks. In 1967 the steel industry was nationalised, and ultimately steel working in Corby was to be phased out by the early 1980s.

GBE05 Dachaigh a’ Bhaile Ùir
Ann an 1931 mus tàinig an gàrradh-stàilinn, bha an àireamh-sluaigh ann an Corby mu 1,300. Ann an 1950 bha an àireamh sin air fàs gu 18,000 agus chaidh Corby a thaghadh airson ainmeachadh mar Bhaile Ùr. Thar nam bliadhnaichean às dèidh sin, bha a’ mhòr-chuid den bhaile air athùrachadh ri plana ùr a bha air a dhealbh gus farsaingeachd uaine a ghabhail a-steach agus cruth a bhiodh freagarrach do chàraichean a bha riatanach don dòigh-beatha nua-aimsireil. Mar sin, bha an suidheachadh stèidhichte airson cuairt eile de thuineachadh le Albannaich, iad uile air an stiùireadh le feumalachdan nan gàrraidheanstàilinn. Ann an 1967, chaidh an gnìomhachas stàilinn a chur ann an seilbh na stàite, agus aig deireadh gnothaich chaidh obair stàilinn ann an Corby a shìoladh às tràth sna 1980an.