GB-E15 – Dr James Currie


Elizabeth Smart (Merseyside)

 

James Currie (1756-1805) was born in Kirkpatrick-Fleming near Gretna, and after a failed business venture in Virginia and capture by American revolutionaries, he returned to Scotland and trained as a physician. He set up successfully in Liverpool and published an influential treatise on the use of water therapy to treat fevers. Currie was a founder member of the Liverpool Literary Society, and having once met Robert Burns, who was close friends with a relation of Currie’s wife, published the first full anthology of Burns’ works in 1800. The collection included the first biography of the bard, and was an immense success.

GBE15 An Dr Seumas MacMhuirich
Rugadh Seumas MacMhuirich (1756-1805) ann an Kirkpatrick-Fleming faisg air Gretna, agus an dèidh gnothachas leis ann an Virginia fàilligeadh agus a thoirt an grèim le reabhlaidich Aimeireaganach, thill e a dh’Alba agus thug e amach dreuchd mar lighiche. Chuir e gnothachas soirbheachail air bhonn ann an Libhearpul agus dh’fhoillsich e aithisg chudromach mu chleachdadh slànachadh uisge airson fiabhrasan a leigheas. Bha MacMhuirich na bhall stèidhidh air Comann Litreachail Libhearpul, agus an dèidh coinneachadh aon turas ri Raibeart Burns, a bha glè chàirdeil ri neach-dàimh na mnatha aig MacMhuirich, dh’fhoillsich e co-chruinneachadh slàn den obair aig Burns ann an 1800. Anns a’ chruinneachadh bha a’ chiad eachdraidh-beatha aig a’ bhàrd, nì a bha anabarrach soirbheachail.