IN17A – Scots in Kalimpong

Stitchers:  Norma Bruce, Hilda Kimber, Janet Raeburn & Doreen Guy – North Berwick

In the 1870s tea plantations around Darjeeling and Kalimpong were attracting Scots. The Church of Scotland sent doctors, nurses, teachers and a missionary (Rev Wm Macfarlane). The Charteris Hospital was started in 1892, with half the funds coming from Women’s Guilds in Scotland. In 1886 a high school for boys was (Scottish Universities Mission Institute) funded from Scottish universities. In 1890 the Kalimpong High School for Girls was underway and in the early 1890s Dr Graham’s Homes were being built, based on the design and ethos of the Quarrier Homes in Bridge of Weir, Scotland. These projects are still flourishing and active links with Scotland remain.

IN17A Albannaich ann an Kalimpong
Anns na 1870an, bha planntachasan teatha mu thimcheall Darjeeling agus Kalimpong a’ tarraing Albannaich. Chuir Eaglais na h-Alba lighichean, banaltraman, luchd-teagaisg agus miseanaraidh (An t-Urr. Uilleam MacPhàrlain) ann. Chaidh Ospadal Charteris a thòiseachadh ann an 1892, le leth a’ mhaoineachaidh a’ tighinn bho Chomainn Mhnathan ann an Alba. Ann an 1886, chaidh àrdsgoil do bhalaich (Institiùd Misein Oilthighean Alba) air a maoineachadh le oilthighean na hAlba, a chur air bhonn. Ann an 1890, bha Àrdsgoil Kalimpong do Nigheanan ga togail agus tràth sna 1890an, bha Taighean an Dr Ghreumach gan togail, stèidhichte air an dealbhadh agus an fheallsanachd co-cheangailte ri Dachaighean Quarrier ann am Bridge of Weir ann an Alba. Tha na pròiseactan sin fhathast soirbheachail agus tha ceanglaichean gnìomhach le Alba a’ dol fhathast.