US10 - Flora Macdonald



Stitchers: Janet Rae (USA), Kirstie Colam (Edinburgh), Angela Chisholm (South Africa), Ruth Murray (Canada)

The name of Flora Macdonald (1722-90) is amongst the most famous in Scottish history, and the Skye Boat Song recalls the story of her heroic support of the fugitive Bonnie Prince Charlie when she rowed him to safety disguised as her maid Betty Burke. Less well known is that four years afterwards she married an army officer, Allan MacDonald of Kingsburgh. In 1774 they moved to North Carolina where, during the Revolutionary War, MacDonald joined the 84th Regiment (Royal Highland Emigrants) and fought at the Battle of Moore’s Creek. Flora returned to Scotland in 1779 and is buried in Kingsburgh, Skye.

US10 Flòraidh NicDhòmhnaill
Tha ainm Fhlòraidh NicDhòmhnaill (1722–90) am measg nan ainmean as cliùitiche ann an eachdraidh na h-Alba, agus tha an Skye Boat Song ag innse na sgeulachd mu a taic ghaisgeil don Phrionnsa Theàrlaich ’s e na fhògarrach, nuair a dh’iomair i e gu sàbhailteachd ’s e ann am breugriochd a searbhant, Betty Burke. Nì nach eil cho aithnichte, ’s e gun do phòs i ceithir bliadhna às dèidh sin oifigear airm, Ailean Dòmhnallach à Cinnseaborg. Ann an 1774, ghluais iad gu Carolina a Tuath far an deach MacDhòmhnail don 84mh Rèisimeid (Imrich Ghàidhealach Rìoghail) anns a’ Chogadh Reabhlaideach, agus bha e a’ sabaid ann am Blàr Moore’s Creek. Thill Flòraidh do dh’Alba ann an 1779 agus tha i air a tiodhlacadh ann an Cinnseaborg san Eilean Sgìtheanach.