US16 – Roderick Mackenzie

Stitcher (Mobile, Alabama): Bonnie McCloud.

Roderick Mackenzie (1865-1941) was born in London to a Scottish family, moving to Mobile, Alabama in 1872. He became a renowned artist, receiving praise for his dramatic images of the industrial workings of the Alabama steel industry. He also captured scenes from the local Mardi Gras festivities. Mobile’s Mardi Gras is America’s oldest carnival, having begun in 1703 when the area was occupied by French soldiers. From 1926-30 Roderick Mackenzie was commissioned to interpret the history of Alabama in a series of murals for inside the dome of the State Capitol building in Montgomery.

US16 Ruairidh MacCoinnich
Rugadh Ruairidh MacCoinnich (1865–1941) ann an Lunnainn do theaghlach Albannach, agus ghluais iad gu Mobile ann an Alabama ann an 1872. Thàinig e gu bhith ainmeil mar neachealain, a’ faighinn a mholadh airson a chuid ìomhaighean dràmadach de dh’obrachaidhean gnìomhachasail a’ ghnìomhachais stàilinn ann an Alabama. Ghlac e seallaidhean cuideachd bho shubhachasan a’ Mhardi Gras ionadail. Is e
Mardi Gras Mobile an càrnabhal as sine ann an Aimeireaga, an dèidh tòiseachadh ann an 1703 nuair a bha an t-àite air a ghabhail thairis le saighdearan Frangach. Bho 1926-30, bha Ruairidh MacCoinnich air a choimiseanadh gus eachdraidh Alabama eadar-mhìneachadh ann an sreath de dheilbh-balla airson an cur an taobh a-staigh na cuach-mullaich ann an togalach Capitol na Stàite ann am Montgomery.