AU31 - Charles Duguid


   
Duguid was born in Saltcoats in Ayrshire in 1884 and emigrated to Australia in 1912. He was a medical practitioner and Aboriginal rights campaigner, recording his experiences books such as No Dying Race. In 1937 Duguid helped to found Ernabella Mission, at which he insisted settlers learned the tribal language. Only those who could bring a needed skill were permitted at the mission, where traditional ways were respected and maintained. Duguid was active in the Council for Aboriginal Rights and the Assocation for Protection of Native Races. In 1970 this work earned him an OBE. He died aged 102 in 1986.
       

        AU31 Teàrlach Duguid
Rugadh Duguid ann am Baile an t-Salainn ann an Siorrachd Àir ann an 1884 agus rinn e às-imrich a dh’Astràilia ann an 1912. B’ e lighiche a bh’ ann agus neach-iomairt do chòraichean nan Tùsanach, a’ clàradh a chuid eòlasan ann an leabhraichean leithid No Dying Race. Ann an 1937, chuidich Duguid le Misean Ernabella a chur air bhonn, anns an do dh’àithn e gun ionnsaicheadh luchdtuineachaidh cànan nan treubhan. Cha robh air an ceadachadh don mhisean ach iadsan aig an robh sgil a bha riatanach, far an robh dòighean traidiseanta air an cumail suas agus a’ faotainn spèis. Bha Duguid gnìomhach sa Chomhairle airson Còraichean Thùsanach agus Comann Dìon Chinnidhean Dùthchail. Ann an 1970, choisinn an obair seo an OBE dha. Bhàsaich e aois 102 ann an 1986.