FR03 – Marie de Guise


   

Stitchers: Liz Neilson (Musselburgh) and Brigitte Joseph (Champigny)

 

Mary of Guise (1515-1560) was the French wife of King James V of Scotland. Mary’s presence brought a strong French influence to Scottish affairs, but their two sons died in infancy. A daughter, Mary, was born in 1542 but James died unexpectedly just a few days later. War with England and the violence of the Scottish Reformation made the following years intensely challenging as Protestant factions opposed continued alliance with France. Mary ruled as regent for her daughter from 1554 until she died in the midst of a civil war, in 1560. Her daughter then returned from France to rule.

 FR03 Màiri à Guise
B’ e Màiri à Guise (1515–1560) a’ bhean Fhrangach a bh’ aig Rìgh Seumas V ann an Alba. Thug Màiri buaidh làidir Frangach air cùisean na h-Alba, ach bhàsaich an dithis mhac aca ’s iad nan naoidheanan. Rugadh nighean dhaibh, Màiri, ann an 1542 ach bhàsaich Seumas gu h-obann dìreach latha no dhà às dèidh sin. Rinn cogadh le Sasainn agus fòirneart an Ath-leasachaidh ann an Alba na bliadhnaichean a lean fìor dhùbhlanach agus na buidhnean Pròstanach a’ cur an aghaidh a’ chaidreachais a bha a’ leantainn leis an Fhraing. Bha Màiri a’ riaghladh mar thànaiste às leth a nighinn bho 1554 gus na bhàsaich i ann am meadhan cogadh catharra ann an 1560. Thill an nighean aice às an Fhraing an uair sin a riaghladh na dùthcha.