US07 – Hugh Mercer

  

Stitchers: Peg & Edie Tattersall along with 41 others at Princeton, New Jersey

Hugh Mercer was born in 1726. Twenty years he was a fugitive after serving as an assistant surgeon for the Jacobites. Mercer eventually escaped to America. He settled in Fredericksburg, Virginia and befriended George Washington. In 1755 Mercer treated the wounded after the rout at Monongahela and joined the British Army. He was promoted to Colonel but in the Revolutionary War joined the revolutionaries and was appointed Brigadier-General of the Armies of the United States in 1776. A few days after Trenton he was killed, being mistaken for Washington. His descendants include General George Patton and the songwriter Johnny Mercer.

US07 Ùistean Mercer
Rugadh Ùistean Mercer ann an 1726. Bha e na fhògarrach airson fichead bliadhna an dèidh a bhith a’ frithealadh mar chuidiche lannsair do na Seumasaich. Fhuair Mercer air teicheadh aig a’ cheann mu dheireadh gu Aimeireaga. Thuinich e ann am Fredericksburg, Virginia agus thog e dàimh le Seòras Washington. Ann an 1755 bha Mercer a’ toirt leigheas do na leòintich às dèidh an ruaig aig Monongahela agus chaidh e do dh’Arm Bhreatainn. Chaidh adhartachadh na dhreuchd gu Còirneal ach anns a’ Chogadh Reabhlaideach chaidh e an lùib na reabhlaidich agus chaidh àrdachadh gu Briogaidiar-Seanalair ann an Arman nan Stàitean Aonaichte ann an 1776. Beagan làithean às dèidh Trenton chaidh a mharbhadh, mar mhearachd airson Seòras Washington. Am measg a shliochd, tha an Seanalair Seòras Patton agus an sgrìobhaiche-òrain, Seonaidh Mercer.