US21 – John Muir: Sierra Nevada

Stitcher (Palm Springs, California): Rebecca Terrill

In 1892, John Muir founded the Sierra Club with other citizens concerned about industrial expansion, as a non-profit organisation promoting outdoor recreation and environmental advocacy. Muir served as president until his death in 1914. With more than one million members, this grassroots group continues Muir’s work to this day. His legacy also lives on in the John Muir Trail, a 210-mile route through the Sierra Nevada. The trail traces areas Muir explored and protected, including Yosemite and Sequoia & Kings Canyon national parks. The places Muir fought to preserve, along with his writings, continue to inspire people worldwide to discover and connect with nature.

US21 Iain Muir, Sierra Nevada
Ann an 1892, chuir Iain Muir an Club Sierra air bhonn còmhla ri saoranaich eile air an robh dragh mu leudachadh gnìomhachasail, mar bhuidheann neo-phrothaideach a bha ag adhartachadh churseachadan air a’ bhlàr a-muigh agus tagradaireachd àrainneachdail. Bha Muir a’ frithealadh mar cheann-suidhe air a’ bhuidheann gu àm a bhàis ann an 1914. Le barrachd na millean ball, chùm am buidheann freumhaichte seo a’ dol le obair Iain Muir gus an latha an-diugh. Tha a dhìleab beò fhathast cuideachd ann an Slighe Iain Muir, rathad de 210 mìle tro Sierra Nevada. Tha an t-slighe a’ leantainn raointean a rannsaich Muir agus air na chuir e dìon, a’ gabhail a-steach Yosemite is Sequoia agus pàircean nàiseanta Kings Canyon. Tha na h-àiteachan mun d’ rinn Muir strì airson an gleidheadh, còmhla ri a sgrìobhaidhean, a’ leantainn air adhart a’ brosnachadh dhaoine air feadh an t-saoghail gus faighinn a-mach mu agus ceangal a dhèanamh ri nàdar.