AU15 - Royal Flying Doctor Service


           
The Royal Flying Doctor Service and the School of the Air, established in 1928 and developed in the 1930s, evolved from the Presbyterian Australian Inland Mission. It was an ambitious health, communication and support network for remote outback dwelling Australians, pioneered and developed by the Rev John Flynn. He recruited the Rev Fred McKay and together with the world’s first pedal-powered wireless they were able to make contact with outback pioneers and patients over vast distances. This meant that outback children could make verbal contact with teachers and other children, whilst doctors could provide emergency aid and a comprehensive health care and community service for those living in isolation.

        AU15 An t-Seirbheis Leigheis Itealach Rìoghail
Thàinig an t-Seirbheis Leigheis Itealach Rìoghail agus Sgoil an Adhair, a chaidh a stèidheachadh ann an 1928 agus a leasachadh sna 1930an, gu bith bhon Mhisean Chlèireach In-tìreil Astràilianach. B’ e lìonra slàinte, conaltraidh is taic ghlòir-mhiannach a bh’ ann do dh’Astràilianaich a bha a’ fuireach ann an àiteachan fàsaich iomallach, air a chur an gnìomh an toiseach agus air a leasachadh leis an Urramach Iain Flynn. Dh’fhastaidh e an t-Urramach Fred MacAoidh agus còmhla ris a’ chiad uèirleas air an t-saoghal fo chumhachd throighean, bha iad comasach air conaltradh ri tùsairean is euslaintich san fhàsaich thar astaran fìor mhòr. Bha seo a’ ciallachadh gum faodadh clann san fhàsaich conaltradh labhairteach a dhèanamh le luchd-teagaisg agus clann eile, fhad ‘s a dh’fhaodadh lighichean cobhair èiginneach a thoirt seachad agus seirbheis slàinte fharsaing is seirbheis coimhearsnachd a sholarachadh dhaibhsan a bha a’ fuireach ann an iomallachd.