AU26 - John McDouall Stuart


   

Stitcher: Jean Lumsden (Adelaide)

Born in Dysart in 1815, John McDouall Stuart is considered to be Australia’s greatest inland explorer. After training as a civil engineer with the Scottish Naval and Military Academy, he travelled to South Australia in 1839 and became Surveyor General of the fledgling colony. In 1862 McDouall Stuart led the first European expedition across the centre of Australia, from south to north. It was a harsh journey, but his planning and skill ensured there were no fatalities. The route he opened up was used to link Adelaide to Darwin by telegraph, by rail, and now by the Stuart Highway.

        AU26 Iain MacDhùghaill Stiùbhart
Air a bhreith ann an Dìseart ann an 1815, tha Iain MacDhùghaill Stiùbhart air a mheas mar an rannsaiche meadhan-tìre as ainmeile ann an Astràilia. An dèidh trèanadh mar innleadair-togail le Acadamaidh Cabhlachail is Armailteach na hAlba, shiubhail e gu Astràilia a Deas ann an 1839 agus thàinig e gu bhith na Shuirbhidhear Coitcheann air a’ cholonaidh ùr. Ann an 1862, stiùir MacDhùghaill Stiùbhart a’ chiad mhòrthuras Eòrpach tarsainn meadhan Astràilia, bho dheas gu tuath. B’ e turas garbh a bh’ ann, ach rinn a phlanadh agus a sgilean cinnteach nach robh call-beatha sam bith ann. Bha an t-slighe a dh’fhosgail e air a cleachdadh gus Adelaide a cheangal ri Darwin tro telegraf, rèile agus a-nis le Mòr-rathad Stiùbhart.