AU29 - Peter Waite


   

Peter Waite (1834-1922) was born in Kirkcaldy and travelled to Australia to join his brothers in 1859. A fellow Scot offered the lease of a farm and by 1864 Waite had made it profitable enough to call his fiancée to join him from Scotland. He was an innovative land manager and after fifteen years his estates support around 260,000 sheep. In 1877 he moved to Urrbrae House, which he transformed into an impressive mansion – the first in Adelaide to have electric lights (1891). He donated considerable lands to the University of Adelaide and set shares aside for the future funding of agricultural research there.

        AU29 Pàdraig Waite
Rugadh Pàdraig Waite (1834–1922) ann an Cathair Chaladain agus shiubhail e a dh’Astràilia gus a bhith còmhla ri a bhràithrean ann an 1859. Thabhaich Albannach eile tuathanas dha air màl, agus ro 1864 bha Waite air a dhèanamh cho prothaideach agus gun do dh’iarr e air an tè a bha fo ghealladh-pòsaidh aige a thighinn còmhla ris à Alba. B’ e manaidsear fearainn ùr-ghnàthach a bh’ ann, agus an dèidh còig bliadhna deug bha na hoighreachdan aige a’ cur taic ri mu 260,000 beathach caorach. Ann an 1877 ghluais e gu Taigh Ùr Bhràigh, a chruth-atharraich e gu aitreabh drùidhteach – a’ chiad taigh ann an Adelaide le solais dealain (1891). Thug e meudan fearainn mar thabhartas do dh’Oilthigh Adelaide agus chuir e earrannan mu seach airson maoineachadh mu choinneamh rannsachadh àiteachail an sin san àm ri teachd.