CN07 - Chinese Students in Scotland


       
Stitcher: Andrea Bloomfield

The connections between Scotland and China are not all one-way. There is a long tradition of Chinese study in Scotland, and it is no accident that it was through the trading hub at Canton that this began. Dr Kuan Huang (1829-1878) left Canton to study medicine at the University of Edinburgh in 1850. Seven years later he returned to China, first to Hong Kong and then back to Canton, helping to spread the practices of western medicine in China. Hok Tang Chain was the first Chinese student at Glasgow in in 1886, followed by the geologist Wenjiang Ding in 1911.

 CN07 Oileanaich Sìonach ann an Alba
Chan eil na ceanglaichean eadar Alba agus Sìona uile a’ dol an aon taobh. Tha traidisean fada ann de dh’ionnsachadh le Sìonaich ann an Alba, agus chan e tuiteamas sam bith a th’ ann gum b’ ann tron mhòr-ionad malairt ann an Canton a thòisich seo. Dh’fhàg an Dr Kuan Huang (1829–1878) Canton a dh’ionnsachadh eòlas-leigheis ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1850. Seachd bliadhna às dèidh sin, thill e air ais a Shìona, an toiseach gu ruig Hong Kong agus an uair sin air ais gu Canton, a’ cuideachadh le sgaoileadh chleachdaidhean meidigeach an Taoibh Siar ann an Sìona. B’ e Hok Tang Chain a’ chiad oileanach Sìonach ann an Glaschu ann an 1886, air a leantainn leis a’ chlach-eòlaiche Wenjiang Ding, ann an 1911.