IN04 - Scottish Surgeons


   
Until the mid-nineteenth century, science including botany could be studied at university only as part of the medical syllabus. Scottish universities were particularly important in training surgeons who went to work for the East India Company, where many made major contributions to the study of natural history. This panel celebrates that contribution, in particular that of Francis Buchanan for his pioneering work in Nepal, Thomas Thomson for his exploration of the Himalaya, and George Watt for his work on economic plants. It shows the titles of a selection of their publications and some of the plants they worked on or that were named after them.

IN04 Lannsairean Companaidh nan Ìnnsean an Ear
Gu meadhan an naoidheamh linn deug, dh’fhaodadh saidheans a’ gabhail a-steach luibheòlais a bhith air ionnsachadh san oilthigh, ach dìreach mar phàirt den chlàr-obrach mheidigeach. Bha oilthighean na h-Alba gu h-àraid cudromach ann an trèanadh lannsairean a chaidh a dh’obair do Chompanaidh nan Ìnnsean an Ear, far an do chuir mòran dhiubh gu mòr ri sgrùdadh eachdraidh nàdarrach.Tha am pannal seo a’ comharrachadh an tabhartais sin, gu h-àraid tabhartas Francis Bochanan airson na h-obrach thùsail a rinn e ann an Nepal, Tòmas MacThòmais airson an rannsachaidh aige air beanntan Himalaya agus Seòras Watt airson a chuid obrach an lùib planntrais eaconamach. Tha e a’ sealltainn tiotalan taghadh de na foillseachaidhean agus cuid de na lusan air an robh iad ag obair no a tha air an ainmeachadh às an dèidh.