PK02 - Kinnaird College



Stitchers: Almas Mir, Uzma Mir-Young (Glasgow, Scotland).
       
In 1928 Kilmarnock-born Isabella T McNair became Principal of Pakistan’s most renowned women’s college, Kinnaird College in Lahore. She led the college through the turbulent period of partition, when she sheltered refugees from across the new border. In her 22 years as Principal McNair became well-known as an educationalist and advancer of women’s rights. She worked tirelessly to repeal gender-based regulations and encouraged women to consider professional careers. In the last List of Honours given by the British before independence, McNair received the prized Qaiser-i-Hind medal. In 1958 she was made a Fellow for Life by Punjab University. She returned to Scotland in 1950.

PK02 Colaiste Chinn Àird do Bhoireannaich
Ann an 1928, fhuair Iseabail T NicNair a rugadh ann an Cill Mheàrnaig, dreuchd mar Phrionnsapal na colaiste bhoireannach as ainmeile ann am Pagastan, Colaiste Chinn Àird ann an Lahore. Stiùir i a’ cholaiste tro àm buaireasach an roinnidh, nuair a thug i fasgadh do fhògarraich bho thaobh eile na crìche ùire. Na 22 bliadhna mar Phrionnsapal, thàinig NicNair gu bhith aithnichte mar neach-oideachaidh agus neachadhartachaidh chòraichean bhoireannach. Bha i ag obair gun sguir gus riaghailtean stèidhichte air gnè a thionndadh agus bhrosnaich i boireannaich gu bhith a’ beachdachadh air dreuchdan-beatha proifeiseanta. Anns an Liosta Urraman mu dheireadh a thugadh seachad leis na Breatannaich ro neo-eisimeileachd, fhuair NicNair am bonn cliùiteach Qaiser-i-Hind. Ann an 1958, fhuair i dreuchd mar Cho-fhoghlamaiche Fad-beatha le Oilthigh Punjab. Thill i a dh’Alba ann an 1950.