AU14 – Rev John Dunmore Lang


Stitcher: Clare Chapman (Queensland)

John Dunmore Lang (1799 – 1878) was born near Greenock. After studying in Glasgow and being ordained in the Church of Scotland he decided to join his brother in New South Wales, arriving in 1823. He was a very controversial figure and was frequently in disputes. He fought for the recognition of the Presbyterian Church in Australia, members of which increased when bounty schemes were offered to Scots willing to move to Australia in the middle of the nineteenth century. He passionately supported immigration particularly by Scots who were educated and skilled workers, much needed in the Colony. He also championed the cause of education and established a college and many schools throughout New South Wales.”

AU14 An t-Urramach Iain Dunmore Lang
Rugadh Iain Dunmore Lang (1799–1878) ann an Grianaig. An dèidh a chuid foghlaim a thoirt a-mach ann an Glaschu agus a bhith air a chur an dreuchd ann an Eaglais na h-Alba, cho-dhùin e a dhol còmhla ri a bhràthair ann an New South Wales, agus mar sin b’ e a’ chiad mhinistear Clèireach a bh’ anns a’ choloinidh nuair a ràinig e ann an 1823. An sin, fhuair e a barrachd Chaitligich Èireannach agus buill den Eaglais Shasannach na bha sa choitheanal aige fhèin, agus chaidh maoinean poblach a dhiùltadh dha airson eaglais a thogail. Bha e a’ strì airson aithne a thoirt don Eaglais Chlèirich ann an Astràilia, agus fàs anns an àireamh bhall mar thoradh air sgeamaichean tabhartais gan tairgsinn do dh’Albannaich, a bha deònach gluasad a dh’Astràilia ann am meadhan an naoidheamh linn deug.