CA31 – Gung Haggis Fat Choy

Stitcher: Gillian Hart (Cockenzie, Scotland).

Gung Haggis Fat Choy celebrates multicultural harmony, combining traditions from Burns Night and Chinese Lunar New Year. Originating in Vancouver, these events feature poetry, songs and food such as deep-fried haggis wonton, hosted by creator Todd Wong aka “Toddish McWong.” Wong, a fifthgeneration Chinese-Canadian, was a student guide in 1993 when first asked to get involved in Simon Fraser University’s Burns celebrations. He recognized how both Scottish and Chinese cultures were important contributors to Canada’s multiculturalism, and soon his concept dinners took off. The name is a wordplay combining haggis with the Cantonese Chinese New Year greeting “Gung Hay Fat Choy”.

CA31 Gung Haggis Fat Choy
Tha Gung Haggis Fat Choy a’ comharrachadh co-sheirm ioma-chultarach, a’ cothlamadh thraidiseanan bho Oidhche Burns agus a’ Bhliadhna Ùr Shìonach. Air a thòiseachadh ann an Bhancùbhar, tha na tachartasan sin a’ nochdadh bàrdachd, òrain agus biadh leithid tagais wonton air a fraighigeadh, le aoigheachd bho Todd Wong aithnichte mar “Toddish McWong.” Bha Wong, Canàidianach-Sìonach den chòigeamh ginealach, na oileanach treòrachaidh ann an 1993 nuair a chaidh iarraidh air an toiseach a thighinn an lùib nan subhachasan Burns ann an Oilthigh Shìm Fhriseil. Dh’aithnich e cho cudromach ’s a bha cultar na h-Alba agus cultar Shìona do ioma-chultarachd Chanada, agus glè aithghearr bha meas mhòr air a dhinnearan cultarach. Is e cluich air facail a th’ anns an ainm a’ cothlamadh tagais leis an fhàilte Cantonese airson na Bliadhna Ùir Shìonach, “Gung Hay Fat Choy”.