CN04 – Andrew Melrose Tea


Stitchers: Fok Yan Yi, Sara Houghton, Annie Morris, Maggie Sorton (Hong Kong)

Andrew Melrose (1789-1855) founded his tea company in 1812 on the Canongait in Edinburgh. The British tea trade with China was still in the gift of the East India Company then, but the monopoly grew ever less popular and by the time it terminated Melrose was importing tea via Jardine, Matheson & Co. When the clipper Isabella docked in Leith in 1834, it unloaded for Melrose the first legal tea shipment to arrive in Scotland from a private company. The trade boomed, sometimes reaching a thousand cases of tea per month for Melrose’s company. The brand is still available today.

  CN04 Teatha: Anndra Maolròs
Chuir Anndra Maolròs (1789–1855) an companaidh teatha aige air bhonn ann an 1812 sa Chanongait ann an Dùn Èideann. Bha a’ mhalairt teatha eadar Breatainn agus Sìona fhathast aig Companaidh nan Ìnnsean an Ear, ach cha robh uimhir de mheas air an aon-mhargadh seo agus aig an àm a chaidh crìoch a chur air, bha Maolròs ag in-mhalairt teatha tro Jardine, MacMhathain & Co. Nuair a thàinig an cliopair Isabella a-steach do dhoca Lìte ann an 1834, dh’às-luchdaich iad do Mhaolròs a’ chiad luchd teatha laghail a thigeadh a dh’Alba bho chompanaidh phrìobhaideach. Bha a’ mhalairt a’ sìor fhàs, uaireannan a’ ruighinn mìle ciste de theatha sa mhìos do chompanaidh Mhaolròis. Tha am brannd sin fhathast ri fhaotainn gus an latha an-diugh.