Getting Started

A’ Tòiseachadh

Ceum air cheum a dh’ionnsaigh pannal Diaspora crìochnaichte

goteborg panel 2

1. Sgeulachdan. Nach cuir thu thugainn do sgeulachdan. Dh’fhaodadh seo a bhith mu dheidhinn do shinnsearan a’ fàgail Alba agus a’ cruthachadh beatha ùr ann an àite eile, no ’s dòcha gu bheil thu fhèin air imrich o chionn ghoirid à Alba. Bu mhath leinn cuideachd deilbh fhaicinn, lethbhric de sgrìobhainnean is eile. Dh’fhaodadh gum bi sinn airson do sgeulachd innse agus na h-ìomhaighean agad a chur air an làrach-lìn seo, agus mar sin dèan cinnteach gun clàr thu cead dhuinn airson sin a dhèanamh!

2. Rannsachadh. Tha e glè chudromach dhuinne gu bheil an grèis-bhrat cruinn-ceart a thaobh eachdraidh. Tha thusa ann an àite nas fheàrr na sinne airson an fhiosrachaidh eachdraidheil anns na sgeulachdan agad fhìreanachadh: carson nach labhair thu ri luchd-eachdraidh ionadail agus ri buidhnean dualchais airson do chuideachadh? Mas e neach-eachdraidh, foghlainne no ball de chomann eachdraidh/dualchais a th’ annad le cothrom air stuth rannsaichte, feuch gun gabh thu pàirt! Tha sinn airson gun cuidich thu sinn leis na prìomh eileamaidean den diaspora a bu chòir dhuinn a ghabhail a-steach do na pannalan, gus ar cuideachadh le fìreanachadh air na deilbh mus tèid am fuaigheal. ’S dòcha gum faodadh tu cur ris an làraich-lìn againn?

3. Dealbhadh. ’S e na nithean seo air a bheil feum againn airson an ath cheum a ruighinn:

– Daoine, tachartasan, àiteachan, earrannan cudromach co-cheangailte ris a’  choimhearsnachd / sgeulachd na coimhearsnachd agad a bu chòir a bhith anns na pannalan, le fiosrachadh mionaideach agus ceart mar thaic do na sgeulachdan sin. Tha sinn airson gun innis thu dhuinn dè na sgeulachdan a tha cudromach dhutsa!

– Bu chòir do dh’ìomhaighean, air am faod an dealbhadair iomradh, a bhith air an cur thugainn mar .jpegs far an gabh sin dèanamh.

– Ìomhaighean ceart de thogalaichean, cruthan-tìre, pàtranan, moitifean, carraighean-cuimhne, litrichean làmh-sgrìobhte, planntrais, badan aodaich agus ìomhaighean de nithean buntainneach leithid buill-airm, innealan, nithean malairt.

– Bidh deilbh de dhaoine cudromach airson riochdachadh ceart de dh’aodach, falt agus nithean den na làithean a bh’ ann. Ach feuch gun cuimhnich sibh nach urrainn do phannalan grèisichte deilbh mhionaideach ath-chruthachadh ged is urrainn do theacs grèisichte daoine fa leth a chomharrachadh, agus faodaidh deilbh a bhith air an gabhail a-steach don fhiosrachadh co-cheangailte air an làraich-lìn.

– Do sgeulachdan pearsanta fhèin agus ìomhaighean co-cheangailte airson cuideachadh le dealbhadh (agus a bhith air a chur ann an tasglann na làraich-lIn).

4. Dealbh. Aon uair ’s gum bi am fiosrachadh gu h-àrd againn, bidh an dealbhadair againn a’ dèanamh sgeidse den phannal a tha san amharc, a chuirear an uair sin air ais thugad / gu do bhuidheann airson fìreanachadh. Ma tha mearachdan sam bith ann, no nithean air am fàgail às no tuilleadh bheachdan a dhìth, dìreach leig fios thugainn! Cruthaichidh an dealbhadair an uair sin an dealbh dheireannach agus gheibh thu lethbhreac den seo còmhla ri anart, clòimh agus stiùireadh air cruthachadh a’ phannail. Ma tha beachdan agad aig toiseach gnothaich air mar bu mhath leat am pannal a bhith a’ coimhead, leig fios chun an neach-ealain againn le bhith ga sgeidseadh air an Teamplaid Grèis-bhrat gu h-ìosal: faodaidh e an uair sin do bheachdan a chleachdadh mar bhrosnachadh a dh’ionnsaigh coltas deireannach an obair-ealain!

Cliath Teamplaid an Diaspora

5. Fuaigheal! Chan eil eòlas idir riatanach, dìreach dealas! Am bu toil leat am fuaigheal air a’ phannal a roinn le feadhainjn eile sa choimhearsnachd agad? Gheibh thu an anart leis an dealbh air a tharraing air le peansail, còmhla ri clòimh agus dealbh iomraidh. Bidh gach pannal a’ tomhais 50cm x 50cm. Gheibh thu cuideachd stiùireadh bunaiteach air lùban obair-grèise agus faodar cuideachadh a bharrachd fhaotainn air-loidhne – agus cuideachd, tha comhairle bho do cho-oibrichean fuaigheil an-còmhnaidh neo-sheachanta. Sin an t-adhbhar gu bheil sinn air àite a chruthachadh do bhuill a-mhàin air an làraich-lìn, far am faod do cho-oibrichean fuaigheil am beachdan agus am fuasglaidhean a roinn!

6. Blogaichean. A thuilleadh air fòram an luchd-fuaigheil, tha àite bhlogaichean air an làraich-lìn cuideachd airson luchd-fuaigheil gach dùthaich a bhith ag innse mun adhartas a tha iad a’ dèanamh. Dèan cinnteach gum bi thu a’ lodadh suas fiosrachadh às ùr agus deilbh gu cunbhalach, a’ roinn do chuid eòlais agus d’ adhartais mar a bhios na pannalan agad a’ tòiseachadh ri thighinn gu bith! Cò aige a tha fios dè an spreagadh a gheibh sinn bho chèile. 

7. Crìoch. Bu chòir don phannal chrìochnaichte a bhith air a thilleadh a dh’Alba ro dheireadh na Sultaine 2013, agus ullaichear na pannalan ann am Prestonpans airson an taisbeanadh. 

 

Raointean-ama

2012 – tràth 2013
Cuir a-steach sgeulachdan pearsanta, stuthan rannsaichte agus ìomhaighean gu Yvonne Murphy / Gillian Hart.  Cuir fios gu Yvonne no Gillian cho luath ’s a ghabhas airson ceann-latha deireannach. Thèid stuth a gheibhear às dèidh a’ chinn-latha a chur air an làraich-lìn mar phàirt den tasglann, agus a rèir ama dh’fhaodadh gum bi cuingeachaidhean ann mar phàirt de dhealbhadh nam pannalan.

An Dùbhlachd 2012 – An Cèitean 2013
Bidh na sgeidsichean tùsail de na pannalan air an deilbh agus air an cur a-mach gu coimhearsnachdan an diaspora airson fìreanachadh. Thathar a’ brosnachadh chom-pàirtichean gu bhith a’ cur ris an dealbhadh aig an ìre seo. Leig fios thugainn mu mhearachdan sam bith, ma tha nì sam bith air fhàgail às an dealbh, no a bheil rudeigin/cuideigin air a nochdadh gu mì-cheart, oir tha sinn airson gum bi thusa toilichte leis an dòigh a tha an sgeulachd agad air a h-innse. 

An Cèitean – 30 Sultain 2013
Cuirear an uidheam airson a’ phannail chun an luchd-fuaigheil. Bu chòir do phannalan crìochnaichte a bhith air an tilleadh ro 30 Sultain gus ùine a cheadachadh airson ullachadh air na pannalan mus taisbeanar iad. 

An Dàmhair – An Dùbhlachd 2013
Na pannalan air an ullachadh airson taisbeanadh.

Am Faoilleach – An Dùbhlachd 2014
Bliadhna an Tillidh Dhachaigh, a’ nochdadh a’ chiad làn taisbeanadh de Ghrèis-bhrat Diaspora na h-Alba.

 

2015 agus às a dhèidh …
Tursan agus Taisbeanaidhean air feadh an t-saoghail! Faic an duilleag againn air Taisbeanaidhean.