NL08 – Rotterdam Schotse Kerk 1643

Stitchers: Marion Pot-Davidson & Anneke Pot

Rotterdam, like Veere, was a trading hub and attracted a Scots community. Over the years they came as merchants, mercenaries, even refugees. In 1642 the Lords of Rotterdam decided there were enough Scots to require a dedicated place of worship, and the following year Rev Alexander Petrie from Rhynd near Perth became its minister. Originally established in a warehouse, the kirk moved to more appropriate premises in 1658 and served as a refuge for Covenanters such as Richard Cameron (1648-80). Throughout the late seventeenth century the Scots community in Rotterdam continued to rise and the kirk saw to its needs.

 NL08 Eaglais Albannach Rotterdam 1643
Bha Rotterdam, mar a bha Veere, na mhòr-ionad malairt a’ tarraing mòran den choimhearsnachd Albannaich. Thar nam bliadhnaichean, bha iad a’ tighinn mar luchd-malairt, mar dhiùlannaich, fiù mar fhògarraich. Ann an 1642, cho-dhùin Morairean Rotterdam gun robh uimhir de dh’Albannaich ann agus gun robh iad airidh air àite adhraidh dhaibh fhèin, agus a’ bhliadhna às dèidh sin thàinig an t-Urramach Alasdair Petrie à Rinn Dealgros faisg air Peairt gu bhith na mhinistear dhaibh. Air a stèidheachadh sa chiad àite ann an taigh-bathair, ghluais an eaglais gu togalach nas freagarraiche ann an 1658, a’ frithealadh mar àite tèarmann do Chùmhnantaich leithid Risteard Camshron (1648–80). Tro dheireadh na seachdamh linn deug, lean a’ choimhearsnachd Albannach ann an Rotterdam a’ sìor fhàs agus bha an eaglais a’ sàsachadh am feumalachdan.