US12 – Chief William McIntosh

Stitchers (Mobile, Alabama): Darlene Watts, Mary McDonald, A.C. Leggitt, JoAnne Henderson, Irene Macdonald, Kenneth Macdonald, and Margaret Lynn Ellis

William McIntosh (1775-1825), also known as Taskanugi Hatke (White Warrior) was a chief of the Creek Nation. His Scots-American father had worked with the Creek in the hope of bringing them onto the British side during the Revolutionary War. Diplomatic marriages between Creek women and Scottish fur traders meant that mixed-race families were common, and McIntosh gained status through his Creek mother. McIntosh worked to improve a roadway through Alabama and Georgia, increasing the profitability of his estates: the trail is still known by his name today. McIntosh was assassinated after signing away Creek land to the United States government in 1825.

US12 An Ceann-cinnidh Uilleam Mac an Tòisich
Bha Uilleam Mac an Tòisich (1775–1825), aithnichte cuideachd mar Taskanugi Hatke (Gaisgeach Geal) na cheann-cinnidh air Nàisean Creek. Bha athair Albannach-Aimeireaganach air a bhith ag obair leis an nàisean Creek ann an dòchas an toirt a thaobh Bhreatainn aig àm a’ Chogaidh Reabhlaidich. Bha pòsaidhean dioplòmasach eadar boireannaich Creek agus malairtich bèine Albannach, a’ ciallachadh gun robh teaghlaichean de chinneadh measgaichte cumanta, agus choisinn Mac an Tòisich inbhe tro a mhàthair Creek. Dh’obraich Mac an Tòisich air rathad mòr a leasachadh tro Alabama agus Georgia, a’ meudachadh prothaid bho na h-oighreachdan aige: tha an t-slighe ainmichte às a dhèidh gus an latha an-diugh. Chaidh Mac an Tòisich a mhurt an dèidh fearann Creek a shoidhnigeadh air falbh do riaghaltas nan Stàitean Aonaichte ann an 1825.