CA07 – Keep the Faith


Stitchers: Mary J Gallant, Eunice Doyle, Margaret MacEachern, Myrna Babineau, Aggi-Rose Reddin (Prince Edward Island)

In May 1772 the Alexander left Glasgow for Prince Edward Island with over three hundred Catholic Highlanders aboard. Amongst them was Father James MacDonald, who led the first Catholic services on the island since it had become British.  Fluent in Gaelic, English, French and Latin, MacDonald was well suited to administering to a congregation that also included the French-speaking Acadians.  Angus Bernard MacEachern (1759-1835) arrived on the Island in 1790, five years after Macdonald’s death and built considerably upon his work. In 1804 he established a church at St Andrew’s, and in 1835 founded the St Andrew’s College.

CA07 Cumail an Creideimh
Sa Chèitean 1772, dh’fhàg an Alexander Glaschu airson Eilean a’ Phrionnsa le dà cheud agus ceithir deug de Ghàidheal Caitligeach air bòrd. Nam measg bha an t-Athair Seumas Dòmhnallach (1731–1785), a stiùir na ciad sheirbheisean Caitligeach air an eilean bho thàinig e fo sgiath Bhreatainn. Fileanta ann an Gàidhlig, Beurla, Frangais agus Laideann, bha an Dòmhnallach glè eòlach air rianachd coitheanal anns an robh cuideachd na h-Acàidianaich aig an robh Frangais. Thàinig Aonghas Bernard MacEacharna (1759–1835) chun an Eilein ann an 1790, còig bliadhna an dèidh bàs an Dòmhnallaich agus thog e gu mòr air an obair aigesan. Ann an 1804, stèidhich e eaglais ann an Cill Rìmhinn agus ann an 1835 stèidhich e Colaiste Naoimh Anndra.