CA21 - Thomas Douglas, Earl of Selkirk



Stitchers: Carolee Chapman (Winnipeg, Manitoba).

Thomas Douglas (1771–1820), 5th Earl of Selkirk, established the first successful agricultural community in Western Canada. He was granted 300,000 square kilometres of land (“Assiniboia”) from the Hudson's Bay Company for victims of the Highland Clearances, most from Kildonan in Sutherland, Scotland. The settlers sailed aboard three ships: Robert Taylor (1812), Prince of Wales (1813) and Hadlow (1815). Lord Selkirk visited the settlement in 1817 and donated land for future Catholic, Anglican and Presbyterian settlement churches. After signing The Selkirk Treaty with local First Nations leaders, including Chief Peguis, Lord Selkirk gave his settlers title to their new farms.

CA21 Luchd-tuineachaidh a’ Mhorair Sailcirc
Stèidhich Tòmas Dùbhghlas, an 5mh Iarla Sailcirc (1771–1820), a’ chiad coimhearsnachd àiteachais shoirbheachail ann an Canada an Iar. Chaidh 300,000 cileameatair ceàrnagach de fhearann (“Assiniboia”) a bhuileachadh air le Companaidh Bàgh Hudson do fhulangaich fuadach nan Gàidheal, a’ mhòr-chuid à Cill Donnain ann an Cataibh ann an Alba. Sheòl an luchdtuineachaidh air bòrd trì soithichean: Robert Taylor (1812), Prince of Wales (1813) agus Hadlow (1815). Thadhail an t-Iarla Sailcirc air an tuineachadh ann an 1817 agus thug e seachad fearann airson eaglaisean tuineachaidh do Chaitligich, Easbaigich agus Clèirich san àm ri teachd. An dèidh Cùmhnant Shailcirc a shoidhnigeadh le stiùirichean ionadail Ciad Nàiseanan, a’ gabhail a-steach an Ceann-cinnidh Peguis, thug am Morair Sailcirc tiotalan an tuathanasan ùra do an luchd-tuineachaidh.