Bun-fhiosrachaidh

Is e obair-ealain iongantach anns a bheil 104-meatair de mheud a th’ ann an Grèis-bhrat Blàr Sliabh a’ Chlamhain, air a ghrèiseadh le 200 neach saor-thoileach bho air feadh Alba. Tha e a’ sealltainn na h-ìre thràth de dh’iomairt nan Seumasach ann an 1745 agus bha e air a mhisneachadh le Grèis-bhrat Normanach Bayeux.

On chuireadh crìoch air ann an 2010, tha e air na mìltean de luchd-tadhail a thàladh fhad ’s a bha e air chuairt air feadh na dùthcha. Tha a chuid soirbheachaidh shònraichte mar thoradh air dìoghras nan saor-thoileach a chruthaich e, gnè barraichte an obair-ealain agus an obair-ghrèisidh, ’s an eachdraidh mhìorbhaileach a tha e a’ taisbeanadh.

A-nis, tha an sgil agus an dealas sin deiseil airson gluasad chun an àrd-ùrlair eadar-nàiseanta. Bidh an neach-ealain ceudna, Anndra Crummy, a’ solarachadh nan deilbh iomaill agus is e an aon luchd-rianachd agus luchd-fuaigheil a bhios a’ stiùireadh na pròiseict.

Tha Tilleadh Dhachaigh 2014 a’ toirt seachad suidheachadh a tha fìor fhreagarrach airson an grèis-bhrat a chur ri chèile, le riochdairean às gach coimhearsnachd a’ falbh an cois am pannalan gu ruig Alba, airson pàirt a ghabhail ann am prògram farsaing de thachartasan agus shubhachasan.

Tha dealas a thaobh grèiseadh ri fhaotainn air feadh an t-saoghail mhòir agus tha a’ phròiseact seo a’ fuasgladh chothroman do dhaoine de gach aois agus comas a thighinn an sàs ann. Tharraing Grèis-bhrat Blàr Sliabh a’ Chlamhain feachd de dhaoine a bha deònach a bhith na lùib gu saor-thoileach, a’ dearbhadh gu bheil an coimeasgadh seo de cheàirdean agus dualchas fìor shoirbheachail, an dà chuid le com-pàirtichean agus luchd-amhairc. GA CHUR AN GNÌOMH


Andrew Crummy

A’ Trusadh Chom-pàirtichean:

Bha na 25 coimhearsnachdan air an comharrachadh tràth ann an 2012,  air an taghadh gus farsaingeachd riochdachail agus inntinneach de sgeulachdan Diaspora a thoirt am bàrr. Bithear a’ trusadh saor-thoilich an taobh a-staigh nan coimhearsnachdan agus bidh an sgeul fhèin a thaobh am freumhan Albannach air an clàradh. Gheibh gach coimhearsnachd cuireadh eadar còig agus a deich pannalan a thoirt gu buil, gach fear a’ tomhas 50cm x 50cm.

Tha ceanglaichean aig mòran de choimhearsnachdan diaspora ri sgìrean sònraichte ann an Alba, agus bithear gam brosnachadh-san gus a dhol an sàs sa phròiseact cuideachd. Faodaidh iad cuideachadh le rannsachadh nan ceanglaichean agus nan teaghlaichean a rinn imrich thar chuan, an obair-ealain fhèin a thoirt gu bith, sgoiltean agus buidhnean ionadail a thoirt na lùib agus aoigheachd a sholarachadh don ghrèis-bhrat chrìochnaichte ann an 2014.

Bho Thaobh an Fhoghlaim:

Tha Grèis-bhrat an Diaspora a’ tairgsinn fìor chothrom airson pròiseactan foghlaim ann an Alba. Bidh comas aig sgoiltean an ceanglaichean Diaspora a rannsachadh, a’ togail cheanglaichean leis na coimhearsnachdan thall thairis – agus ’s dòcha a’ cruthachadh chom-pàirteachasan le sgoiltean ionadail an sin. Tha stòras de stuthan rannsachaidh ann, a’ gabhail a-steach cunntasan pearsanta air an imrich agus sin a’ solarachadh chothroman gu leòr airson pròiseactan tar-churraicealach a chur an gnìomh, a dh’fhaodadh a bhith co-cheangailte ri eachdraidh, litearrachd, ealain, dràma is eile.

Bidh sgoiltean air am brosnachadh gu bhith a’ cur ri làrach-lìn Grèis-bhrat an Diaspora, a’ roinn an cuid rannsachaidh le sgoiltean agus coimhearsnachdan eile agus a’ dol an sàs ann  an Tilleadh Dhachaigh a’ bhrat-grèise ann an 2014. Còmhla ris a’ choimhearsnachd fharsaing, bidh iad comasach air aoigheachd a thoirt do thachartasan agus coileanaidhean àrd-ùrlair gus an earrann fhèin a chomharrachadh nuair a thilleas a’ ghrèis-bhrat a dh’Alba.

Am Pròiseas Dealbhaidh:

Stèidhichte air sgeulachdan bho choimhearsnachdan an Diaspora agus le in-chur a thaobh dealbhaidh bhuapa, bidh Anndra Crummy a’ cruthachadh deilbh iomaill do na pannalan anairt. Tha an dòigh-obrach seo a’ dèanamh cinnteach à cunbhalachd ealantais sa phròiseact gu h-iomlan, ged a bhios eadar-mhìneachadh fa leth air a bhrosnachadh a thaobh cleachdadh lùban agus dathan, gus nòsan ionadail a nochdadh.

Bidh subhachasan ealanta air am brosnachadh cuideachd an taobh a-staigh coimhearsnachd an Diaspora agus ann an Alba. Tha sin ag amas air raon de chruthan ealain a bhith na lùib a chuireas ris a’ phròiseact, leis gach seata de phannalan air a neartachadh tro innse sgeulachdan, dràma agus ceòl, a’ cur diofar thaobhan ris a’ chùl-fhiosrachaidh eachdraidheil.  

Bidh adhartas air na pannalan ga chlàradh air làrach-lìn a dh’aon ghnothaich, a’ ceadachadh do choimhearsnachdan ceanglaichean a chumail suas agus brosnachadh fhaotainn bho chàch a chèile.

Subhachasan 2014:

Mus dèan iad an slighe a dh’Alba airson Tilleadh Dhachaigh 2014, bidh na pannalan crìochnaichte air an taisbeanadh ann an coimhearsnachdan an Diaspora, le tachartasan agus coileanaidhean co-cheangailte riutha. Bidh seo a’ brosnachadh mòran daoine eile a dhol an sàs sa phròiseact, a’ togail mothachadh do dh’Alba mar cheann-uidhe agus a’ toirt meudachadh a bharrachd air na h-àireamhan a bhios a’ siubhal a dh’Alba airson an Tilleadh Dhachaigh.

Bidh tighinn agus cur-ri-chèile Grèis-bhrat an Diaspora a’ dèanamh suas aon de phrìomh thachartasan an t-samhraidh san Tilleadh Dhachaigh. Is e an t-amas gum bi am fòcas an toiseach ann an Sruighlea tràth san Iuchair, agus an uair sin àiteachan a thighinn an sàs ann an com-pàirteachas. Nam measg, bidh Oilthigh na Banrigh Mairead, Ionad Innse Sgeulachdan na h-Alba agus Àrd-Eaglais Naoimh Moire, a bhios a’ taisbeanadh a’ Ghrèis-bhrat agus a chuireas air bhonn prògram làn de thachartasan.

Anns na seachdainean agus na mìosan a leanas, bidh na coimhearsnachdan com-pàirteachail ann an Alba a’ toirt aoigheachd do thaisbeanaidhean agus thachartasan ionadail gus an earrann fhèin den ghrèis-bhrat a chomharrachadh. Bidh na tachartasan sin a’ solarachadh cothrom don dà choimhearsnachd coinneachadh agus a thighinn gu chèile a dhèanamh subhachas còmhla.

An Dìleab a Leanas:

Cruthaichidh a’ phròiseact seo togail maireannach dha Diaspora na h-Alba. Bidh an grèis-bhrat, anns am bi  90 meatair de mheud aig a’ char as lugha, a’ leantainn air adhart ga thaisbeanadh fada às dèidh an Tillidh Dhachaigh, an dà chuid aig an taigh agus thall thairis. Air sgàth agus gu bheil e air a dhealbhadh ann an earrannan, bidh e sùbailte agus faodar a sgaradh às a chèile airson adhbharan taisbeanaidh ann an diofar àiteachan aig an aon àm.  

Is e an t-amas aig deireadh cùise gun tig Grèis-bhrat an Diaspora còmhla ri Grèis-bhrat Blàr Sliabh a’ Chlamhain ann an togalach a dh’aon ghnothaich ann am Prestonpans, ach gus an àm sin bidh e air chuairt air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus anns na dùthchannan a chuidich le a chruthachadh. Bidh e a’ leantainn air adhart ag oideachadh luchd-amhairc agus ag adhartachadh dualchas na h-Alba airson mòran bhliadhnaichean ri teachd.

Bidh am pròiseas cruthachaidh air a chlàradh ann an leabhraichean, an dà chuid do dh’inbhich agus do chloinn, air DVDan agus goireasan eile air-loidhne.

You missed