Taisbeanaidhean

Thathar an dùil gum bi dachaigh mhaireannach Grèis-bhrat an Diaspora còmhla ri luchd-cruthachaidh agus stiùirichean pròiseil na pròiseict, Fèis Ealain Prestoungrange ann am Prestonpans ann an Alba. Ach, thathar an dùil cuideachd gun cuir an Grèis-bhrat seachad pàirt mhòr de a bheatha air chuairt, gu h-àraid ann an Coimhearsnachdan an Diaspora agus na Coimhearsnachdan Dachaigheil a tha air an iomradh ann.

Bidh gach Coimhearsnachd Diaspora a’ cruthachadh eadar 5 agus 10 pannalan grèisichte (500mm x 500mm), a bhios le chèile a’ dèanamh suas aon bhrat slàn den obair-ealain air fad. Faodar na diofar phàirtean sin den bhrat slàn a thaisbeanadh air leth no còmhla mar aon, le comas air tuilleadh obair-ealain a bhios a’ sìor fhàs suas gu 125 meatairean ann am fad.  Bidh iad uile air an ceangal ris an làraich-lìn seo le tagadh QR.  Mar a bhios iomchaidh, bidh cànanan an Diaspora a’ nochdadh an taobh a-staigh an eadar-mhìneachaidh air an taisbeanadh, taobh ri taobh le Beurla agus Gàidhlig.

Anns an ullachadh airson 2014, agus le taic bho EventScotland, bidh gach pannal-grèise fa leth air a thaisbeanadh na Choimhearsnachd Diaspora fhèin mus fhàgar soraidh-slàn aige air a shlighe chun an Fhàilte Ruighinn oifigeil aige ann am Prestonpans!
 
Anns a’ Bhliadhna Tilleadh Dhachaigh 2014,bidh na pannalan-grèise a’ tadhal air Coimhearsnachdan dachaigheil a tha iomchaidh, a thuilleadh air a bhith a’ nochdadh ann am prìomh thaisbeanaidhean den Ghrèis-bhrat slàn mar phàirt de thachartasan Tilleadh Dhachaigh tron bhliadhna.  

Ann an 2015,  bidh an Grèis-bhrat slàn ri fhaotainn sa chiad àite airson taisbeanaidhean eadar-nàiseanta anns na coimhearsnachdan Diaspora ris a bheil e co-cheangailte, air aoigheachd bho riochdairean nan coimhearsnachdan sin.

Às dèidh sin, bidh Grèis-bhrat Diaspora na h-Alba air a thaisbeanadh ann an ionadan cruinneachaidh fad’ is farsaing!

31st May – 8th June 2014
PRESTONPANS  – Three Harbours Arts Festival
Prestonpans Community Centre

23rd June – 23rd July 2014
STIRLING – MacRobert Centre, Stirling University
(click 
here for directions)

ARISAIG
Details TBC

August 2014
EDINBURGH – St Mary’s Episcopal Cathedral

September 2014
PAISLEY – Anchor Mill

INVERNESS – Royal National Mod
Details TBC

You missed