Foghlam

Grèis-bhrat Diaspora na h-Alba – goireas foghlaim 

Tha sinn airson nas urrainn dhuinn de sgoiltean air feadh Alba a thoirt a-steach don phròiseact Grèis-bhrat. Bithear a’ misneachadh sgoiltean gu bhith a’ togail cheanglaichean le sgoiltean ann an coimhearsnachdan an   diaspora air feadh an t-saoghail, le bhith a’ leasachadh chom-pàirteachasan a th’ ann cheana agus a’ cruthachadh chom-pàirteachasan ùra.  Dh’fhaodadh com-pàirteachasan a bhith stèidhichte air ceanglaichean eachdraidheil / sinnsearail no air com-pàirteachasan sgoile a th’ ann mar-thà ag èirigh a-mach à co-aonadh baile no sgoile. Mar sin, ’s e cothrom anabarrach math a tha seo airson an dà chuid com-pàirteachasan ùra a chruthachadh agus feadhainn a th’ ann a neartachadh. Cuiridh roinn sgeulachdan agus rannsachadh an diaspora bho thaobh a-staigh agus taobh a-muigh na h-Alba  feart saidhbhir ris a’ phròiseas ionnsachaidh. Lorgaidh oileanaich snàithleanan coitcheann a’ ceangal diofar choimhearsnachdan ach cuideachd a’ comharrachadh iomadachd nan diofar chultaran: thàinig mòran de uchd-reic èisg-is-sliseagan agus luchd-reic reòiteig às an Eadailt aig aon àm, mar a thàinig coiridh à Aìsia; bha taighean-seinnse Gothenburg stèidhichte air beachdan às an t-Suain; tha daoine air feadh an t-saoghail a’ gabhail pàirt ann an dannsa dùthchail na h-Alba fhad ’s a tha Pagastan mar an dàrna às-mhalairtear den phìob mhòr as motha air an t-saoghal (às dèidh Alba!). A h-uile nì seo agus gun sinn fiù air iomradh a thoirt air goilf, uisge-beatha agus Raibeart Burns! Faodaidh sgoiltean aig an taigh agus ann an coimhearsnachdan an diaspora a bhith ag obair còmhla gu cruthachail gus an diaspora a rannsachadh a thaobh na tha e a’ ciallachadh dhaibhsan agus don choimhearsnachd ionadail aca, a thuilleadh air a bhith a’ smaoineachadh ma dheidhinn aig ìre nàiseanta is eadar-nàiseanta.

Dòighean a dh’fhaodte a chleachdadh airson inntrigeadh:

– Lodaig sìos Teamplaid a’ Ghrèis-bhrat agus sgeidsig a-mach beachdan airson pannal diaspora. Dh’fhaodadh an dealbh an uair sin a bhith air a pheantadh, air fhuaigheal, no na chruinneachadh de dhiofar stuthan no fiù air a dhèanamh na ghrèis-bhrat! 

Diaspora Template Grid Diaspora Template Grid (430 KB)

– Rannsaich dòighean cruthachail eile a thaobh mìneachadh cultarach leithid dràma, dannsa, innse sgeulachdan agus ceòl.

– Rannsaich dualchas teaghlaichean nan sgoilearan a thuilleadh air dualchas na coimhearsnachd ionadail aca agus an  diaspora.

– Ma tha a’ Ghàidhlig air a cleachdadh sa choimhearsnachd, innis do sgeul ann an Gàidhlig cho math ri Beurla – agus cànan sam bith eile a tha air a cleachdadh sna coimhearsnachdan diaspora.

Rè Bliadhna an Tillidh Dhachaigh ann an 2014, bidh coimhearsnachdan aig an taigh air feadh Alba a’ cur fàilte air agus a’ toirt aoigheachd do choimhearsnachdan diaspora airson comharrachadh còmhla air cruthachadh a’ Ghrèis-bhrat. Bidh raon de thachartasan bho thaisbeanaidhean gu coileanaidhean a’ leantainn a’ ghrèis-bhrat. Bu mhath leinn sgoiltean anns na coimhearsnachdan sin fhaicinn an sàs gu gnìomhach anns a’ phròiseact.

Mar eisimpleir:
Nuair a thadhail Grèis-bhrat Blàr Sliabh a’ Chlamahin air Èirisgeigh, bha an grèis-bhrat na chùl-raon aig cuirm-chiùil àrd-ùrlair, le sgoilearan a’ seinn na pìoba agus ag ath-chruthachadh a’ bhlàir tro dhannsa traidiseanta. Faodaidh tu leughadh ma dheidhinn an seo:  http://www.prestonpanstapestry.org/tapestry/html/news/show_news.aspx?newsid=2851


Às dèidh 2014… Faodaidh dàimhean sgoile leantainn orra a’ fàs. Bidh Grèis-bhrat Diaspora na h-Alba a’ siubhal gu coimhearsnachdan diaspora ann an 2015 agus às dèidh sin. Cuirear tuilleadh sgeulachdan diaspora ris tro thìde.   Bidh an làrach-lìn seo a’ cumail tasglann de stuthan ruigsinneach diaspora, air a dhèanamh suas de sgeulachdan pearsanta diaspora a thuilleadh air fiosrachadh rannsaichte agus ìomhaighean. Bidh teacs buntainneach ann am Beurla agus Gàidhlig air gach pannal diaspora grèisichte, air an làraich-lìn agus ann am foillseachaidhean clò-bhuailte. Cleachdar cuideachd gach aon de na cànanan diaspora ionadail m.e. Eadailtis, Sìonais, Suainis is eile.

You missed